Community Engagement Officer (35hpw) (Fixed Term for 18 Months), Highland Wide - HGH22114

ScreenedJust posted
Inverness, Highland, Scotland; Scotland
£41,423 - £44,899/annum
Posted 1 day ago
Apply Now

About the role

Job Description

Dreuchd: Oifigear Com-pàirteachadh Coimhearsnachd
Àite: Ioma-dhòigheach (le dùil a bhith san Eilean Sgitheanach is Ratharsair airson 2 latha san t-seachdain gu cuibheasach)
Uairean: 35 uairean
Ùine: Stèidhichte airson 18 mìosan/Cothrom fo-fhastaidh
Tuarastal: £41,423 – £44,899 San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.

Neach-fios: Lena Walker Fòn: 01349 886606

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE. Adhbhar Obrach: Gnìomhachd chom-pàirteachaidh agus atharrachadh obrachail a chomasachadh, a chuideachadh is a lìbhrigeadh sa choimhearsnachd Ghàidhlig, a’ buileachadh is a’ cur taic ri gnìomhan is toraidhean Sgìrean Cànain Sònraichte air feadh Uàrd an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair. Bidh seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ togail is a’ cumail suas com-pàirteachasan is dàimhean ionadail le luchd-labhairt fileanta, luchd-ionnsachaidh, teaghlaichean, daoine òga, buidhnean ionadail, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean poblach gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh, togail is adhartas cànain a bhrosnachadh, lìonraidhean is cothroman Gàidhlig a leudachadh, agus taic a chur ri tar-chur eadar-ghinealaich is cleachdadh coimhearsnachd mar phàirtean riatanach de shiostam cànain soirbheachail.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:

  • Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
  • Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.

Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.

Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.

Requirements

  • Foghlam gu ìre ceuma no teisteanas proifeiseanta buntainneach;  

NO  

  • Seall, tro eòlas air a bhith ag obair ann an dreuchd obrach co-ionann, comas foghlaim a tha aig ìre ceuma.  

Driving licence and/or access to personal transport

About this listing

Screened by Joboru

This role passed our automated spam and quality filters and was active in our feed when last checked. Joboru is an aggregator — here is how we screen listings. If anything looks off, tell us.